Am Buachaille Bàn (The Fair Shepherd)

Irish Harp and Voice: Barbary
Flute: Aimee Aul
Cello: Greg Adamson

Och ochan a Rìgh, gur tinn an galair an gràdh;

Chan eil neach air am bi nach saoil gur seachdain gach là

Gun d'bhrist e mo chrìdh 's gun d'sgaoil e cuislean mo shlàint'

Bhith 'g amharc ad dhéidh, a gheug, a bhroillich ghil bhàin, ghil bhàin.

 

A bhuachaille bhàin, ma's àill leat labhairt air thùs,

'S ann leat-sa gun dàil mo làmh ma thig thu rium dlùth;

Is truagh mar a tà nach d'thàraidh mis' agus tu

Ann an eilean gun tràigh, gun ràmh, gun choite, gun stiùir, gun stiùir.

 

Nam faiceadh tu geug 's i 'g éirigh, madainn chiùin cheò

Le maise da réir nì ceudan mhealladh 'nan dòigh -

Gur binne do bheul na teudan fhidheall ri ceòl,

'S nach truagh leat mi 'd dhéidh leam fhéin air cnocan ri bròn, ri bròn.   SCOTLAND